Às dèidh 37 latha agus 104 geamaichean, tha Cupa na Cruinne a-nise seachad. Duilich a chreidsinn gun deach e seachad cho luath. Tha Seona McClintock agus Darren MacIlleathain a' tadhal air Calum MacIlleathain agus Hannah McKirdy 'son sùil spòrsail a thoirt air an fharpais agus mar a chrìochnaich e.
1 Jul 2026
7. Bye Bye Clarke
Ochd bliadhna fichead a' feitheamh is tha e seachad dhuinne taobh a-staigh cola-deug. Le Alba a-mach à Cupa na Cruinne aig ìre nam buidhnean agus Steve Clarke air a dhreuchd mar mhanaidsear fhàgail, dè a-nise do dh'Alba? Tha Alasdair Caimbeul agus Darren Laing a' tadhal air Calum MacIlleathain agus Hannah McKirdy 'son sùil spòrsail a thoirt air a' ghnothach.
26 Jun 2026
6. Air an t-Sitig
Le Alba a' call an aghaidh Bhrasil, an tèid againn air fuireach aig Cupa na Cruinne? Tha Innes Scullion agus Artair Donald a’ tadhal air Calum MacIlleathain agus Hannah McKirdy gus meòrachadh air sin agus iad le chèile a' toirt sùil spòrsail air mar a tha a' dol dhuinn san fharpais.
Tha Artair dìreach air tilleadh à Boston. Cluinnidh sinn cuideachd bho Seona McClintock ann am Miami. Tha ticead aice dhan ath ghèam aig Alba, mas e agus gum faigh sinn troimhe.
22 Jun 2026
5. Dòchas
Le aon ghèam anns na buidhnean air fhàgail, tha Calum MacIllinnein agus Catherine Tinney a' tadhal air Calum MacIlleathain agus Hannah McKirdy 'son sùil spòrsail a thoirt air Cupa na Cruinne 2026. Às dèidh gèam Mhorogo, bheil iad a' faireachdainn dòchasach an aghaidh Brasil?
16 Jun 2026
4. Bàrr na Buidhne
Le Alba aig mullach na buidhne, tha Somhairle MacIain is Darren MacIlleathain a' tadhal air Calum MacIlleathain agus Hannah McKirdy 'son sùil spòrsail a thoirt air Cupa na Cruinne 2026.
Tha Darren air a bhith a' dol gu Hampden fad fichead bliadhna, tha Somhairle ùr dhan spòrs - ach le Cupa na Cruinne air aire a h-uile duine a ghlacadh, bha iad le chèile a' coimhead a' chiad ghèam aig Alba an aghaidh Haiti. Tha iad gu bhith a' coimhead Alba v Morogo, cuideachd.
San eapasod seo, tha Catrìona Lexy Chaimbeul ann am Boston agus i ag innse do chàch mu na tha a' dol thall.
13 Jun 2026
3. Ochd Bliadhna Fichead
Tha Eòghann MacEunraig agus Robaidh MacIlleBhàin a' tadhal air Calum MacIlleathain agus Hannah McKirdy 'son sùil spòrsail a thoirt air Cupa na Cruinne 2026.
10 Jun 2026
2. Gus Tòiseachadh
Tha Eilidh Lewsey a' tadhal air Calum MacIlleathain agus Hannah McKirdy 'son sùil spòrsail a thoirt air Cupa na Cruinne 2026.
3 Jun 2026
1. Alba air Ruighinn
Tha Dòmnnall MacEunraig is Seona McClintock a' tadhal air Calum MacIlleathain agus Hannah McKirdy 'son sùil spòrsail a thoirt air Cupa na Cruinne 2026. Tha Seona a' dol ann!
29 May 2026
Blasad
SREATH ÙR. A h-uile dùil, dòchas agus fealla-dhà - thig còmhla ri Calum Macilleathain agus Hannah McKirdy ‘son sùil spòrsail air Cupa na Cruinne 2026.
NEW SERIES. All the hopes, dreams and memorable moments – join Calum Maclean and Hannah McKirdy for wry look at the 2026 World Cup.
Contact Tadhal
Guest appearances
Books guests
Based on episode analysis; this does not confirm that the show is currently accepting guests.
Host of Tadhal?
Claim your podcast to manage its listing and keep your show details accurate.
Pod Engine is an independent podcast discovery and analytics service and is not affiliated with or endorsed by this podcast. Artwork and show content belong to their owners. Full legal notice.
Explore this show Podcast research with Pod Engine